Gearradh-arm

Gearradh-arm Cheann nan Sìth-mhaor

Is e Gearradh-arm samhladh oifigeil na dùthcha, a' bhaile, an duine no na buidhne.

'S e dealbh a tha ann an gearradh-arm is tha earraidean a' cleachdadh blazon, cànan foirmeil, airson gearraidhean-arm a mhìneachadh. Tha cuid de dh'fhaclan Fraingis ann, mar eisimpleir or ('òr'), argent ('airgead'), gules ('dearg') agus vert ('uaine').[1]

  1. Durie, Bruce: “Blazoning a coat of arms”. Cùirt Cheann nan Sìth-mhaor. Air a thogail 17mh dhen Dàmhair 2022.

From Wikipedia, the free encyclopedia · View on Wikipedia

Developed by Nelliwinne